'S' e neach-poileataigs a tha ann am Brian MacUilleim (Beurla: Brian Wilson).
Rugadh e air 13 an Dùbhlachd 1948 ann an Dùn Omhain, Còmhall. Bha e na bhall pàrlamaid Làbarach bho 1987 mun 2005, agus coimhlion e oifis ministear na stàit bho 1997 gu 2003 (An Oifis Albannach 1997–1998, Roinn Malairt agus Gnìomhachas (RMG) 1998–1999, Oifis na h-Alba 1999–2001, Oifis nan Dùthchannan Cèin 2001 agus Ministear airson Neirt agus Togalach, RMG (2001–2003).[1] Air a sheasamh sìos bho oifig mhinistear na ullachadh a chuir cùl ri pàrlamaid, dh'iarr Tony Blair air a bhith Riochdaire Sònraichte a Phrìomhaire air Malairt Thar-chuain.[2]
Fhuair e foghlam oilthigh aig Dùn Dè. Thoisich a shàs an poileataigs nuair a bha e 'san oilthigh- aig tùs am Pàrtaidh Nàiseantach na h-Alba ach iompaich e ri Pàrtaidh Làbarach an 1971. On chuir e cùl ri pàrtaidh nan nàiseantaich tha e air a bhi na nàmhaid fiach gan aghaidh. Ach airson a nàmhaid ri cùise nan nàiseantaich tha e air a nochdadh seasamh prionnsabalaichte fad iomadh bliadhna, ri poileataigs an sgeith clì, ri coireachan nan Gàidheal agus ri còirichean coimhearsnachd na croitearachd. B' esan a chiad ministear riamh ann an Oifis na h-Alba le dleasdanas ainmichte airson math na Gàidhlig. Na shaoghal poileataigs, sheas e airson roinnean pàrlamaid Gàidhealach dà thuras: an aghaidh Dòmhnall Stiùbhart 's na h-Eileanan Siar agus an aghaidh Teàrlach Ceanadach ann an Rois is Cromba. Aig a cheann thall chaidh a thaghadh ann an 1987 airson Coineagan a Tuath ann an Siorramachd Àir. Dh'fhàg e pàrlamaid ann an 2005, nuair a chaidh an roinn-taghaidh aige a-mach a bhith an lùib atharrachaidhean crìch. Tha e pòsda aig a' bhan-naidheachd Joni Bochanan.