Caolas Sasannach

Caolas Sasannach
Suidheachadh
Ainm dùthchail English Channel/La Manche/Mor Breizh
Seòrsa Caol
Mòr-roinn Roinn-Eòrpa
Dùthaich Sasainn
An Fhraing

Tha Caolas Sasannach,[1] Caolas nan Sasannach[2] neo Caolas na Frainge[3] (Fraingis: La Manche; Beurla: English Channel; Breatannais: Mor Breizh) eadar Sasainn agus an Fhraing. Tha e a' ceangal an Cuan Siar agus Cuan a Tuath. Tha e mu 562 cilemeatair (350 mìle) a dh'fhad. Aig a' cheann as leatha tha e mu 240 cilemeatair (150 mìle) a leud. Aig an Strait of Dover, an t-àite as caoile, tha e dìreach 34 cilemeatair (21 mìle) a leud.

Tha mòran eileanan suidhichte anns a' Chaolas Shasannach, 's iad Eileanan a' Chaolais an fheadhainn as cudthromaiche.

  1. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  2. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
  3. Colin B. D. Mark: The Gaelic-English dictionary, 2003, td 114

Developed by StudentB