Mac-Talla (iris)

Mac-Talla
pàipear-naidheachd seachdaineil
Cur air cois28 dhen Chèitean 1892 Deasaich
TiotalMac-Talla Deasaich
DùthaichCanada Deasaich
DeasaicheEòin G. MacFhionghain Deasaich
Àite foillseachaidhEilean Cheap Bhreatainn Deasaich
Àm crìochnachaidh24 dhen Ògmhios 1904 Deasaich

Bha Mac-Talla 'na phàipear-naidheachd/iris Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh gach seachdain – gach dàrna seachdain na b’ anmoiche – ann an Sidni, Alba Nuadh, eadar 28 an Céitean 1892, agus 24 an t-Ògmhios 1904, mu thimcheall air 540 earrann uile gu lèir.

B’ e Eòin MacFhionghain (1869-1944) am fear-deasachaidh. Rugadh e ann am Baile Inbhir Nis ann an Ceap Breatainn. Cha robh e ach trì bliadhna air fhichead a dh’ aois nuair a stéidhich e Mac-Talla, a’ chiad fhoillseachadh dhen leithid sin san t-Saoghal.

Bha naidheachdan ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta a' nochdadh ann, còmhla ri bàrdachd, òrain, sgeulachdan, eadar-theangachaidhean, agus aistean.

Tha gach iris ri fhaighinn ann an cruth PDF, agus gach duilleag fa leth mar fhaidhle JPEG bhon làrach-lìn aig SMO.


Developed by StudentB