Oilthigh Rostock | |
Facal Suaicheantais | TRADITIO et INNOVATIO Dualchas agus nuadhas |
Stèidhichte | 1419 |
Suidheachadh | Rostock, a' Ghearmailt |
Oileanaich | 13,619 (2006/2007) |
Làrach-lìn | http://www.uni-rostock.de/ |
Is e Oilthigh Rostock (Universität Rostock 'sa Ghearmailtis, University of Rostock 'sa Bheurla) an t-oilthigh as sine ann an taobh tuath na Roinn-Eòrpa an dèidh Oilthigh Chill Rìmhinn. Tha e na laighe anns a’ bhaile Rostock ann am Mecklenburg-Vorpommern anns an Ear-thuath na Gearmailt. Tha Rostock ri taobh a’ Mhuir Bhaltach.
Chaidh a stèidheachadh ann an 1419 le cead bho Pàpa Màrtainn V. Mar a b’ àbhaist aig an àm seo bha iad a’ teagasg eòlas-lagha, eòlas-leighis agus feallsanachd, ach an toiseach cha robh eòlas-diadhachd ann. Anns an 15mh linn bha an t-Oilthigh Rostock ri measg na h-oilthighean mòra anns a’ Ghearmailt. Thàinig na h-oileanaich às an Òlaind, à Lochlainn, às a' Phòlainn, às an Ruis agus à Stàitean eile timcheall air a’ Mhuir Bhaltach.
Ann an 1542 thionndaidh an t-oilthigh gu creideamh Pròsdanach agus beachdan an Ath-Leasachaidh. An dèidh Cogadh airson 30 bliadhna (1618-1648) chaidh an inbheachd sìos, gus mu dheireadh thall cha robh dad air fhàgail ach sgoil airson muinntir na dùthcha. Anns an 19mh linn chaidh mòran togalaichean ùra a thogail agus dh'fhàs an t-Oilthigh Rostock ainmeil a-rithist.
An diugh tha naoi ceud-fàthan ann far am bi nas motha na 50 cuspair eadar-dhealaichte air a theagasg. Tha an t-oilthigh ceangailte ri 18 fheadainn eile anns an Roinn-Eòrpa agus air feadh an t-Saoghail. Tha leabharlann ann a chaidh a stèidheachadh ann an 1569 le tòrr na 2.2 millean leabhar.