Paulo Freire

Paulo Freire
Beatha
Breith Recife (en) Translate, 19 dhen t-Sultain 1921
Dùthaich  Braisil
Ciad chànan Portagailis
Bàs São Paulo, 2 dhen Chèitean 1997
Foghlam
Foghlam Faculdade de Direito do Recife (en) Translate
Cànain Portagailis
Beurla
Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-teagaisg, sgrìobhadair, neach-lagha, eaconamaiche, feallsanaiche, oide-eòlaiche agus bàrd
Àitichean-obrach Geneva
Fastaichean University of São Paulo (en) Translate
Oilthigh Geneva
University of Campinas (en) Translate
University of Oldenburg (en) Translate
Obraichean comharraichte Pedagogia do Oprimido
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Creideamh Caitligeachd
Pàrtaidh poileataigeach Workers' Party (en) Translate
pedagogyoftheoppressed.com

B' e neach-teagaisg, sgrìobhadair, neach-lagha, eaconamaiche agus feallsanaiche à Braisil a bha ann an Paulo Reglus Neves Freire (Recife, 27 an t-Sultain 1921São Paulo, 2 an Cèitean 1997). Sgrìobh e an leabhar Pedagogia do Oprimido (Gàidhlig: Teagasg nan Daoine fo Bhròn) agus leasaich e an teòiridh Pedagogia Crítica (Teagasg Sgrùdach). Ghabhadh Freire ri Marxachas agus thug Hegel agus Marx buaidh uabhasach fhèin làidir air a chuid obrach.[1] A thaobh theagsaisg, rinn e càineadh gun sòradh air a' mhodail-tasgaidh (Portagailis: modelo bancário), far an robh an siostam foghlaim a' lionadh cinn nan sgoilearan le stuth is na sgoilearan uabhasach fhèin neo-ghnìomhach. 'S e, a rèir Freire, gun sparradh am modail-tasgaidh luachan agus feumlachdan sòisealta orrasa a bha millteach air an leasan. B' fheudar gun dùisgeadh mothachadh nan daoine (Portagailis: conscientização) agus iad a' cruthachadh a' churraicealaim air an sonsa, curraicealam a ghabhadh leis an cuid leasan. 'S e th' ann Teasgasg Sgrùdach.[2] Chuir Freire seachad bliadhnaichean na neach-teagaisg oilthigh aig Oilthigh Geneva thall san Eilbheis.

  1. Blunden, Andy (2013). "Contradiction, Consciousness, and Generativity: Hegel's Roots in Freire's Work". ann an Lake, Robert; Kress, Tricia (deasaichean). Paulo Freire's Intellectual Roots: Toward Historicity in Praxis, Eabhraig Nuadh): Bloomsbury Academic.
  2. MCLAREN, P. A vida nas escolas: uma introdução á pedagogia crítica nos fundamentos da educação. 1997, Artes Médicas.

Developed by StudentB