Rostock

Rostock
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Mecklenburg-Vorpommern
Sgìre Rostock fhèin
Co-chomharran 54° 05 00' Tuath
12° 08 00' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 181.44 km²
Àireamh-shluaigh 202,735 (2010)
Dlùths 1,117.37/km²
Àireamh fòn + 49 381
Duilleag oifigeil Stadt Rostock

‘S e baile mòr air an àirde an ear-thuath na Gearmailte a th’ ann an Rostock (IPA: ˈʁɔstɔk, Laideann: Rostochium ). ‘S ann às an t-seann Slàbhais Raztocŭ a th’ann an t-ainm, is tha sin a’ ciallachadh Leudachadh na h-aibhne.[1] Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1165 mar Roztoc. Bhuineadh am baile gu Àrd Dhiùcachd Mhecklenburg-Schwerin bho 1815 gu ruige aonadh na Gearmailte ann an 1871.[2] Tha e suidhichte aig dìreach 1m os cionn ìre na mara,[3] ri taobh na h-aibhne Warnow,[4] a shruthas chun na mara Bhaltach. 'S e am baile as motha na stàite Mecklenburg-Vorpommern a th' ann. Tha am baile 216km air falbh bho Mhagdeburg, 355km bho Dresden, 310km bho Leipzig agus 194km bho Bherlin, prìomh-bhaile na dùthcha.[5] 'S e baile neo-eisimeileachd (Gearmailtis: Kreisfreie Stadt) a th' ann agus chaidh Oilthigh Rostock a stèidheachadh ann an 1419.[6] Tha 202,735 dhe dhaoine a' fuireach anns a’ bhaile,[7] leis gur e an 38 baile as motha na dùthcha.[8]

  1. Paul Kühnel: Die slavischen Ortsnamen in Meklenburg. Bho: Jahrbücher des Vereins für Mecklenburgische Geschichte und Altertumskunde. dreach 46, [1881], duilleag 122
  2. Gemeine Verzeichnis
  3. Rostock
  4. Travelinos
  5. Distance Calculator
  6. Oilthigh Rostock
  7. Cunntas-sluaigh na Stàite
  8. Bailtean na Cruinne

Developed by StudentB